Thèid buidheann-obrach ùr a stèidheachadh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd airson a bhith ag obair gu dlùth còmhla ri luchd-gnothaich na sgìre leis an amas eaconamaidh làidir a thogail thar ùine fhada. Dh’aontaich Comhairlichean air Comataidh na h-Eaconamaidh, Leasachaidh is Bun-structair an-diugh (Diardaoin, 7 Ògmhios) ri moladh gus Buidheann Gnothachais Earra-Ghàidheal is Bhòid a chur air bhonn, buidheann a bhios a’ brosnachadh obair chom-pàirteach is fàs san eaconamaidh.